Bidh margaidhean sprèidh eileanach ann as t-fhoghar
- Air fhoillseachadh

Bidh coltas gu math eadar dhealaichte air fèilltean na bliadhna-sa leis nach bi e ceadaichte do luchd-reic a bhith san togalach mar is àbhaist.
Thàinig dearbhadh gun tèid fèilltean sprèidh eileanach a chumail sna mìosan ri thighinn.
Bha mì-chinnt ann mun ghnothach ri linn a' Choròna-bhìorais, ach tha làn dùil a-nis gun tèid iad air adhart, ged a bhios riaghailtean ùra mun coinneamh.
Tha na margaidhean sprèidh mòra air tìr-mòr air a bhith fosgailte ach le riaghailtean teann.
Bidh na h-aon bhacaidhean sna margaidhean sprèidh eileanach.
Naidheachd mhath
Feumaidh luchd-reic an stoc aca fhàgail aig na h-ionadan 's cha bhi e ceadaichte dhaibh a dhol am broinn nan togalaichean.
Thèid a' chiad fhèill a chumail aig deireadh an Lùnastail agus bidh na fèilltean àbhaisteach ann san t-Sultain agus san Damhair.
Chuir Cathraiche Margaidh Sprèidh Steòrnabhaigh, Coinneach MacLeòid, fàilte mhòr an naidheachd.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e naidheachd gu math cudromach a tha seo dha feadhainn a tha ag àrach stuic ann an Leòdhas agus na Hearadh gun urrainn dhaibh, mar a chleachd iad, a bhith a' reic nam beathaichean aca air an stairsnich fhèin, seach a bhith gan toirt gu tìr-mòr mar a bha eagal a bha a' dol a thachairt an toiseach," thuirt e.