Naidheachdan 11:00m

Tha Centrica, am buidheann dham buin British Gas, a' gearradh 5,000 cosnadh. 'S ann am measg mhanaidasearan tha e coltach a bhios mun dàrna leth de na gearraidhean. Thuirt ceannard ùr Centrica, Chris O'Shea, gum feum iad airgead a shàbhaladh airson a' chompanaidh a ghlèidheadh.

Dh'fhaodadh cho mòr ri 1,800 cosnadh falbh aig sreath thaighean-òsta McDonald Hotels. Ged a tha a' mhòr-chuid den luchd-obrach air fòrladh an-dràsta thuirt a' chompnaidh nach seas iad ris an t-suidheachadh a th' ann gun ghearraidhean a dhèanamh. Tha 31 de thaighean-òsta aig a' bhuidhinn agus 11 dhiubh sin ann an Alba.

Bidh fiosrachadh aig Riaghaltas na h-Alba an-diugh air an àireimh R a tha a' tomhas dè an ìre aig a bheil an Coròna-bhìoras a' sgapadh. An t-seachdainn 's a chaidh bha sin aig 0.7. Tha dad os cionn a h-aon a' ciallachadh gu bheil am bhìoras fhathast a' sgapadh seach a' crìonadh.

Thuirt na Làbaraich gur ann stèidhichte air comhairle shaidheansail agus nach ann air cudrom bho bheingidhean-cùil nan Tòraidhean a dh'fheumas co-dhùnadh air gearradh an astair shòisealta ann an Sasainn bho dhà mheatair. Tha feadhainn de na buill Thòraidheach ag ràdh gum fulaing an eaconomaidh nas miosa buileach mura tèid an t-astar a ghearradh gu aon mheatair. Thuirt an riaghaltas gun tèid fhàgail aig dà mheatair an-dràsta ach gu bheil iad a' cumail sùil air an t-suidheachadh fad na h-ùine.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad gu math cinnteach nach eil am bhìoras a' sgapadh sa choimhearsnachd ged a chaidh an seachdamh cùis sna h-eileanan a dhearbhadh aig toiseach na seachdainn seo ann an Leòdhas. Sin a' chiad chùis ann am faisg air dà mhìos sna h-eileanan. Thuirt Àrd-Oifigeach NHS nan Eilean Siar, Gordan Jamieson, gun cùm iad smachd air cùisean leis an t-siostam nàiseanta, Deuchainn agus Dìon.