Plana CNES mu choinneimh tilleadh nan sgoiltean
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar Plana Lìbhrigidh Ionadail air mar a thilleas na sgoiltean san sgìre air an 11mh là den Lùnastal.
Dh'ullaich iad cuideachd duilleag le ceistean a th' air am faigneachd gu tric (FAQ) co-cheangailte ris an t-suidheachadh.
Tha ceithir ìrean anns a' phlana, coltach ris an t-slighe nàiseanta a-mach à lockdown a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt Stiùiriche an Fhoghlaim aig CNES, Bernard Siosalach: "Tha am plana a' mìneachadh mar a ghluaiseas sgoiltean, sgoiltean-àraich agus ionadan cùraim-chloinne nan Eilean Siar tro na h-ìrean gu faiceallach.
"Tha e stèidhte air an stiùireadh a th' ann an-dràsta air dè bu chòir dhuinn sùileachadh anns gach ìre ach dh'fhaodadh sin atharrachadh.
"Thig barrachd fiosrachaidh am bàrr fhad 's a ghluaiseas sinn tron phlana agus thèid fios a chumail ri pàrantan nuair a thachras sin," thuirt e.
Freagairtean
Thug a' Chomhairle cuideachd freagairtean do cheistean a fhuair iad tro sheisean air-loidhne agus na meadhanan sòisealta.
Chuir iad aithisg ri chèile dhe na ceistean agus na freagairtean is iad a' togail air nithean leithid sàbhailteachd, còmhdhail sgoile agus taic do sgoilearan.
"Bha sinn cho mionaideach 's a b' urrainn dhuinn a bhith le na freagairtean," thuirt Mgr Siosalach.
"Tha sinn mothachail ge-tà nach eil cuid den fhiosrachadh a tha pàrantan agus sgoilearan a' sireadh ri fhaotainn an dràsta.
"Cumaidh sinn oirnn ag ùrachadh an fhiosrachaidh a th'againn tron t-samhradh fhad 's a ghluaiseas sinn a dh'ionnsaigh fosgladh nan sgoiltean," thuirt e.
Tha am fiosrachadh mun phlana agus na FAQs ri fhaighinn an seo: https://blogs.glowscotland.org.uk/es/dirinfo/phase-3-blended-learning-model/, taobh a-muigh