Eileanaich a' dèanamh cobhair air mucan-mara
- Air fhoillseachadh

Rinn daoine ann an Uibhist a Deas cobhair air deich mucan-mara an dèidh mar a chaidh an glacadh ann an uisge eu-domhain faisg air tìr.
Bha na creatairean còmhla ri buidheann de 20 muc-mhara cheannmhor fhad-iteach a chaidh fhaicinn an toiseach Diaordain faisg air Loch Baghasdail.
Eadar Dihaoine agus Là na Sàbaid chuir eileanaich agus luchd-cobhair proifeasanta na beathaichean air bhog a-rithist uair às dèidh uair an dèidh dhaibh a bhith air an glacadh san tanalach.
Bhàsaich seachd de na mucan-mara ach chaidh an fheadhainn eile fhaicinn mu dheireadh a' snàmh ann an uisge nas doimhne eadar Uibhist agus an t-Eilean Sgitheanach.

Bha eileanaich an sàs san iomairt airson na mucan-mara a shàbhaladh
Tha e coltach gun robh teaghlach a bha an sàs san iomairt-cobhair a' seinn òrain Ghàidhlig riutha fhad 's a dh'fhalbh iad.
'S e Dàibhearan Breatannach Cobhair nan Creatairean Mara (BDMLR) a cho-òrdanaich an iomairt. Thug iad taing mhòr dha na h-eileanaich a bha an sàs ann.
Chaidh aca air cumail ri riaghailtean an lockdown agus sgioba bheag a thoirt ri chèile san robh muinntir an eilein agus luchd-cobhair le eòlas air a bhith a' sàbhaladh mhucan-mara
Thug companaidhean mar Uist Sea tours agus Mowi bàtaichean seachad cho math ri luchd-cobhair. Fhuair iad biadh bhon taigh-bìdhe Skydancer agus fhuair fear-eiridinn le BDMLR àite-fuirich le Uist Storm Pods.

Rinneadh cobhair air deich de na 17 mucan-mara a bha an èiginn
Bha iad ag obair fad trì làithean a' cur nam beathaichean a bha glacte air na creagan agus san fheamainn air ais gu muir.
Thuirt BDMLR gu robh cuid de na mucan-mara troimh-chèile agus gu robh cuid gan goirteachadh fhèin.
Chleachd iad dà bhàta airson na beathaichean a shaodachadh a-mach gu uisge nas doimhne sa Chuan Sgìth.
Tha mucan-mara ceannmhor fad-iteach a' tighinn beò ann an teaghlaichean de 20 beathach sa chumantas far chostaichean nan Eilean Siar.
Fàsaidh iad cho mòr ri 6.5m agus bidh iad a' dàibheadh cho fada sìos ri 500m an tòir air na h-èisg agus guibearnaich a tha gan cumail beò.