ICT agus Brora a' fuireach far a bheil iad
- Air fhoillseachadh

Bha cothrom ann gun deigheadh cuireadh a thoirt do Bhrora Rangers dhan SPFL nam biodh ath-chruthachadh air a bhith ann.
Cha d' fhuair moladh airson ath-chruthachadh a thoirt air lìogan ball-coise na h-Alba taic gu leòr bho chlubaichean an SPFL.
Dh' innis dìreach 16 a-mach às na 42 cluba gun cuireadh iad taic ri Prìomh Lìog le 14 sgiobaidhean.
Leis an sin, chaidh a dhearbhadh gun tuit Hearts, Partick Thistle agus An t-Stròn Reamhar sìos lìog.
Mairidh cruth nan lìogan mar a tha iad aig 12-10-10-10.
Bha cothrom ann gum faigheadh na sgiobaidhean a bhuannaich Lìog na Gàidhealtachd is na Galltachd, Brora Rangers agus Kelty Hearts, cuireadh dhan SPFL ach cha tachair sin a-nis.
Chaidh crìoch cuideachd a chur air a' chothrom a bh' aig Caley Thistle Inbhir Nis faighinn suas dhan Phrìomh Lìog às deidh dhaibh a bhith san dàrna àite san Championship air an t-seusan a chaidh.
Thuirt an SPFL gu bheil am bòrd aca air aontachadh "gu bheil an gnothach seachad".
Dhearbh Hearts ge-tà gun tòg iad cùis-lagha an aghaidh a' cho-dhùnaidh.