Binn air fear a rinn casad air poileas ga leudachadh

  • Air fhoillseachadh
Oifigearan PoilisTùs an deilbh, Getty Images

Chaidh binn duine a dh'aidich gun do rinn e casad ann an aodann phoileas air Ghàidhealtachd a dhùblachadh.

Fhuair britheamhan ath-thagraidh gun robh am binn a chaidh air ro aotrom.

Dh'aidich Iain Lindsay gun do rinn e casad gun chùram ann an aodannan dithis phoileas a chùm cunnart am beatha aig stèisean poilis ann an Inbhir Nis sa Ghiblean.

Ged nach robh comharran ChOVID-19 air aig an àm, dh'fhàgadh an dithis oifigearan fo iomagain mhòir.

Chuireadh binn ceithir mìosan sa phrìosan air, leis an Siorram ag ràdh nach robh e an dùil an ionnsaigh a thoirt ro làimh, gun robh e seachad gu luath, agus nach do rinn e maoidheadh sam bith.

Chaidh co-dùnadh, leis cho lag 's a tha COVID-19 air Ghàidhealtachd, nach robh ach cunnart beag an cois na thachair don dithis oifigearan aig an àm sin.

Rinn an Crùn ath-thagradh an aghaidh na binne ge-tà, 's iad ag ràdh nach robh adhbhar ann a cumail cho goirid.

Dh'aontaich britheamhan ath-thagraidh ann an Dùn Èideann ris a' Chrùn, agus chaidh a' bhinn a leudachadh gu deich mìosan.

Thuirt iad "gun tugadh an ionnsaigh a dh'aona-ghnothach, gun do rinneadh sin a-rithist air an dàrna oifigear, agus gun robhas ag amas air eagal nach beag a chur orra."

Cha robh britheamhan den bheachd gum bu chòir a bhith na b' aotroime air Lindsay seach nach robh comharran den bhìoras air, leis gu bheil cunnart ann gun toir daoine a tha gun chomharran am bhìoras seachad.