Cuairtean didsiteach timcheall air Àrd-sgoil an Òbain
Bidh clann bho iomadach eilean ann an Earra-Ghàidheal a' dol dhan Òban airson foghlam àrd-sgoile.
Am bliadhna ge-tà, tha coròna-bhìoras a' ciallachadh nach urrainn do chloinn a tha a' tòiseachadh air a' chiad bliadhna cuairt a ghabhail mu àrd-sgoil a' bhaile ro làimh.
Ach tha tidsearan a-nis air slighean didsiteach a chur air-loighne, a chuidicheas na h-òganaich le a bhith a' faighinn eòlais air an sgoil ùir aca - mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.