Iomairt mu shlàinte-inntinn thuathanach is chroitearan
- Air fhoillseachadh

Fèill na Luirge ann an 2019 agus an seòrsa seallaidh a tha tuathanaich is croitearan air a bhith ag ionndrainn.
Tha iomairt shònraichte ann Diardaoin ag amas air taic a thoirt do thuathanaich agus croitearan a tha aonaranach agus a' fulang len slàinte-inntinn tron lockdown.
Mar iomadach gnìomhachas eile, tha suidheachadh a' Choròna-bhìorais air bualadh gu mòr air àiteachas.
Chaidh margaidhean-sprèidh is fèilltean àiteachais is eile a chur dheth.
Thuirt Institiud Rìoghail Daonnachdail Tuathanachais na h-Alba gun do dhùblaich an àireamh dhaoine a dh'fhòn thuca sa Chèitean a' sireadh taic air an loidhne fòn shònraichte aca.
Còmhradh
Tha iad air a bhith a' brosnachadh dhaoine anns na seachdainean mu dheireadh còmhradh a dhèanamh le cuid eile sa ghnìomhachas.
Diardaoin is mar phàirt den iomairt aca #KeepTalking, tha iad ag iarraidh air tuathanach is croitearan fònadh gu feadhainn eile ris nach do bhruidhinn iad anns na sia mìosan mu dheireadh.
Tha Institiud Luchd-rùpa na h-Alba ag ràdh gur e àite a th' anns na margaidhean-sprèidh far an tig tuathanaich còmhla agus far an cuir iad eòlas air càch a chèile.
Chan eil sin a' tachairt air sgàth sgapadh a' Choròna-bhìorais agus mar sin, thathas ag iarraidh air daoine am fòn a thogail airson bruidhinn ri caraid neo nàbaidh agus airson innse dhaibh gu bheil taic ann ma tha iad feumach air.
Bidh an iomairt a' dol suas chun 21mh den Ògmhios, an là mu dheireadh den Fhèill Ghàidhealaich Rìoghail, tachartas samhraidh eile nach bi ann am-bliadhna.