Buill a' bhòtadh 'son barrachd dìon dhan gheàrr-bhàn

  • Air fhoillseachadh
Geàrr-bànTùs an deilbh, Dualchas Nàdar na h-Alba

Bhòt buill na Pàrlamaid Albannaich airson casg a chur air a bhith a' marbhadh gheàrran-bàna gun chead agus iad a' cur dìon shònraichte orra.

Bha draghan air nochdadh mun dol-a-mach, ach tha geamairean ag ràdh gu bheil Holyrood air mearachd mhòr a dhèanamh agus gur e droch rud a bhios ann do stiùireadh fearainn.

A rèir eag-eòlaichean tha na h-àireamhan dhiubh air a bhith a' tuiteam bho na 1950an le figearan Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach gu bheil 26,000 gam marbhadh gach bliadhna.

Tha an casg seo mar phàirt de lagh ùr a leudaicheas binn airson eucoirean fiadh-bheatha.

Dìon

Fo Bhile ùr nam Beathaichean is na Fiadh-Bheatha, ris an do ghabh buill, thèid na h-eucoirean as miosa an aghaidh bheathaichean a pheanasachadh le binn suas ri còig bliadhna sa phrìosan.

Bhòt buill 60 bhòt gu 19 airson an atharrachaidh aig a' BhPA Uaine Alison Johnstone, a fhuair barrachd dìon don gheàrr-bhàn.

Thuirt i gun robh i air a dòigh gun do ghèill an Riaghaltas ris "a' chuideam airson dìon a chur air a' bheathach dhùthchasach seo".

'S e an geàrr-bàn an aon gheàrr dùthchasach am Breatainn, agus dh'fhaodadh gu bheil e air a bhith an seo bhon linn deighe mu dheireadh.

Sheall aithisg a chaidh fhoillseachadh ann an 2018 gun robh nas lugha na 1% dhiubh air fhàgail air a' mhòintich air taobh sear na Gàidhealtachd, an coimeas ris na bh' ann dhiubh anns na 1950an.

Thuirt Cathraiche Chomann Gheamairean na h-Alba, Alex Hogg, ge-tà, gur e "mearachd mhòr" a bh' ann am bhòt Holyrood.

"'S e droch lagh a th' ann an seo, air a dhèanamh le daoine air nach toir e buaidh.

"Cha deach èisteachd ris na daoine a tha ag obair air an talamh. Tha an siostam air am fàilligeadh," thuirt e.