Moladh air dachaigh-cùraim am Barraigh

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-Chùraim Naomh Bhrianan
Fo-thiotal an deilbh,

Dachaigh-Chùraim Naomh Bhrianan

Fhuair Dachaigh-Chùraim Naomh Bhrianan ann am Barraigh moladh ann an aithisg bho Choimisean a' Chùraim airson na spèis, an urraim agus a' cho-fhaireachdainn a tha luchd-obrach a' toirt dha na daoine a tha a' fuireach ann.

Thadhail Coimisean a' Chùraim air an dachaigh-chùraim san t-samhain gun fhiosta dhan luchd-obrach.

Bha iad toilichte leis mar a thathas a' coimhead às dèidh an luchd-còmhnaidh, leis na feumalachdan slàinte fa leth aca mar phrìomhachas.

A' bruidhinn ri luchd-còmhnaidh fhuaireadh gun robh iadsan toilichte leis an luchd-obrach a bha còir is coibhneil dhaibh.

Chaidh moladh a dhèanamh cuideachd air luchd-obrach proifeasanta a bhios a' tighinn a-steach dhan dachaigh-chùraim airson seirbheisean fa leth a thoirt seachad.

Tha plana-cùraim sònraichte anns an ionad do dhaoine a tha a' faighinn cùraim deireadh-beatha.

Thuirt a' bhuidheann-sgrùdaidh gu bheil seo a' toirt a' chùraim as fhearr do dh'euslaintich, a' toirt urraim is spèis dhaibh aig a' cheart àm.

Thog iad air dà rud a bha feumach air piseach- gum bu chòir measadh a dhèanamh air planaichean-cùraim nas trice na thathas an-dràsta, agus gum bu chòir barrachd eacarsaich a chur air dòigh dhan luchd-còmhnaidh.

Thuirt neach-labhairt aig Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad moiteil às an luchd-obrach agus an obair a tha iad a' dèanamh airson cùram an luchd-còmhnaidh a bhrosnachadh, 's gu bheil iad a' dèanamh an dìchill gum bi an luchd-còmhnaidh mar phàirt, chan ann a-mhàin den choimhearsnachd taobh a-staigh na dachaigh, ach anns a' choimhearsnachd eileanaich gu lèir.