Rabhadh mu ghearraidhean 'son foghlam a thoirt seachad

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,

Comhairle na Gàidhealtachd

Dh’innis Comhairle na Gàidhealtachd gun tig orra seirbheisean a ghearradh mura faigh iad airgead a bharrachd gus foghlam a thoirt seachad agus na sgoiltean a' fosgladh san Lùnastal.

Tha iad fhèin agus ceannardan sgoile a’ cur phlanaichean air dòigh gus am bi dà mheatar eadar gach sgoilear agus luchd-teagaisg.

Fàgaidh sin nach tèid ach an treas cuid den sgoil fhèin a chur gu feum.

Dh’innis Riaghaltas na h-Alba gum bi sgoilearan a’ faighinn oideachaidh an dà chuid aig an taigh agus anns an sgoil.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag radh gum bi barrachd thogalaichean agus luchd-teagaisg a dhìth orra gus am bi astarachadh sòisealta comasach anns na sgoiltean.

Cosgais

Cha do dh'innis iad fhathast cia mheud a bhios a dhìth no dè a’ chosgais a bhios na chois.

Mura faigh iad taic bho Riaghaltas na h-Alba, tha iad ag ràdh gun tig orra seirbheisean eile a ghearradh.

Chan eil fhios aca fhathast dè a' bhuaidh a bheir na riaghailtean air seirbheisean còmhdhail, bìdhe agus àiteachan fuirich.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim, an Comh. Iain Fionnlasdan, gun tèid a h-uile duine a cheumnaich le ceum ann an teagasg am-bliadhna a chur air an liosta de luchd-teagaisg eadar-amail.

Dh'innis Àrd-Oifigear na Comhairle, Donna Manson, nach eil cion thidsearan na dhuilgheadas mar a b' àbhaist, ach gum faodadh gum bi tàire aca cuspairean agus foghlam a thoirt seachad air an tuath.