Naidheachdan 11:00m
Thuirt Àrd-Oifigich Meidigeach na Rìoghachd Aonaichte gum bu chòir ìre-faire Covid-19 a lùghdachadh bho cheithir gu trì. Tha sin a' ciallachadh gu bheil am bhìoras fhathast ann ach nach eil e a' sgapadh faisg cho mòr 's a bha e. Thuirt Rùnaire Slàinte na Rìoghachd Aonaichte, Matt Hancock, gur e rud mòr dha-rìribh a tha sin dhan dùthaich.
Tha Tòraidhean na h-Alba ag ràdh gu bheil Riaghaltas na h-Alba ro fhaiceallach le togail an lockdown agus gu bheil sin a' dìoghladh air an eaconomaidh. Ged a tha barrachd saorsa phearsanta ann bho an-diugh, cha bhi cead aig an leithid taighean-seinnse 's taighean bìdh fosgladh a-rithist dhan 12mh den ath-mhìos air a' char as tràithe. Thuirt fear-labhairt an ionmhais aig na Tòraidhean, Murchadh Friseal, gum feum an Riaghaltas barrachd aire a thoirt dhan eaconomaidh. Thug Nicola Sturgeon slaic air na Tòraidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba an-dè agus i a' fàgail orra gu bheil iad a' feuchainn ri buannachd phoilitigeach a thoirt à èiginn a' Choròna-bhìorais.
Thàinig rabhadh bhon t-Seansalair, Rishi Sunak, gu bheil staing a' bhìorais a' toirt fìor dhroch bhuaidh air ionmhas na Rìoghachd Aonaichte. Tha figearan ùra ag ràdh gun do ghabh an Riaghaltas còrr 's £55bn air iasad sa Chèitean agus tha sin a' ciallachadh gun robh fiachan na dùthcha gu lèir nas motha na luach na h-eaconomaidh airson a' chiad uair bho 1963.
Thug riaghladair an ionmhais òrdan dha na bancaichean tuilleadh ùine a thoirt do dhaoine a th' ann am fiachan cairtean creideis le buaidh Covid-19. Faodaidh feadhainn a th' ann am fiachan trì mìosan iarraidh gun dad a phàigheadh air ais.
Tha mì-chinnt ann mun chead a th' ann a-niste do dhaoine siubhal air bàtaichean aiseig airson a dhol a choimhead air teaghlach. Tha sin cho fad 's gun lean iad na riaghailtean a th' ann fhathast a thaobh siubhal agus dè cho deatamach 's tha sin. Tha Cathraiche na Còmhdail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, am measg na tha a' ceasnachadh ciamar a dh'obraicheas sin.
Sgrìobh Comataidh Aiseagan Mhuile 's Eilean Ì gu Riaghaltas na h-Alba, Còmhdhail Alba agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus dragh orra mun bhuaidh air luchd-siubhail eadar an t-Òban agus Muile nuair a thig an treas ìre do thogail riaghailtean an lockdown. 'S e as motha a tha a' dèanamh dragh dhaibh nach fhaigh ach àireamh glè bheag de luchd-siubhail air na bàtaichean aiseig le riaghailtean mu astar-sòisealta.
Thuirt ath-sgrùdadh air cho dona 's a rinn na Làbaraich san taghadh choitcheann san Dùbhlachd nach bi Sir Keir Starmer mar cheannard ùr gu leòr airson am pàrtaidh a chur ann an cumhachd a-rithist. Tha an aithisg bhon bhuidhinn Labour Together ag ràdh gun tug àmhreit 's eas-aonta taobh a-staigh a' phàrtaidh, agus droch ullachadh, buaidh mhòr air buil an taghaidh.