Deasbad mu ìomhaigh Dhiùc Chataibh

Le deasbud a leantainn mu dè bu chòir tachairt do dh'ìomhaighean co-cheangailte ri tràilleachd, tha aire air tionndadh gu ìomhaigh cho ainmeal 'sa th'air a' Ghàidhealtachd.

Tha gu leòr a' faireachdainn gum bu chòir ìomhaigh Dhiùc Chataibh air Beinn a' Bhragaidh a leagal.

Ach tha tè do riochdairean na Gàidhealtachd 'snan Eilean anns a Phàrlamaid Albannaich ag ràdh gum bu chòir fhàgail far a bheil e mar chuimhneachan air na fuadaichean.

Tha Ruairidh MacÌomhair ag aithris.