Naidheachdan 11:00m
Thàinig atharrachadh air tuilleadh de riaghailtean an lockdown ann an Alba an-diugh agus am measg sin gum feum luchd-siubhail còmhdach aodainn a chleachdadh air goireasan còmhdhail poblaich. Tha spòrs phroifeiseanta ceadaichte air cùl dhorsan dùinte agus tha gnìomhachas an togail a' tilleadh mean air mhean. Tha ionadan fiaclaireachd fosgailte do chùisean èiginn agus tha àiteachan adhraidh fosgailte airson ùrnaigh prìobhaidich. Tha feadhainn de na h-eaglaisean ag ràdh gun robh seirbheisean air-loidhne cho soirbheachail anns an lockdown 's gum feum iad beachdachadh air dòighean-adhraidh bho seo a-mach.
Thàinig rabhadh gun cuir astarachadh sòisealta ann an sgoiltean na h-Alba ris an troimhe-chèile a bhios clann a' fulang an dèidh mhìosan de bhuaidh Covid-19 air am beatha. Tha Bunait na Slàinte-Inntinn ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba sùil a thoirt air dè a' bhuaidh air òigridh a bhith a' toirt orra fuireach air falbh bho chèile. Thuirt an Riaghaltas gu bheil a' chomhairle agus na molaidhean a tha iad a' cur mach a' toirt a h-uile spèis do shlàinte-inntinn.
Tha dithis de luchd-iomairt na Gàidhlig ag iarraidh plana-leasachaidh dhan chànan às dèidh buaidh a' Choròna-bhìorais. Ach tha an Dr Mìcheal Foxley agus an t-Oll. Bruce MacDhonnchaidh ag ràdh nach bu chòir gnothach a bhith aig Bòrd na Gàidhlig ris a' phlana, ged a tha iad ag iarraidh pàirt de bhuidseat a' Bhùird a chosg air. Agus tha Mgr MacDhonnchaidh ag ràdh gur e deagh eisimpleir a th' ann an e-Sgoil air dòigh-oideachaidh ùr soirbheachail. Dh'innis Bòrd na Gàidhlig dhan a' BhBC gun till iad le freagairt an-diugh fhathast.
Chaidh an dàrna duine ainmeachadh a chaill a bheatha san ionnsaigh-sgeine ann an Reading Disathairne. B' e Aimeireaganach a bh' ann an Joe Ritchie-Bennett a bha air a bhith a' fuireach ann am Breatainn airson còig bliadhna deug. Tha e coltach gum b'aithne Mgr Ritchie-Bennett an duine eile a chaidh ainmeachadh gu ruige seo, an tidsear, James Furlong. Bha mionaid sàmchair ann an Reading sa mhadainn an-diugh dhan triùir a chaill am beatha.