Cèilidh air-loidhne

Cha bhi ceann a Deas Uibhist ach sàmhach air a' chiad sheachdain den Iuchar am bliadhna, agus an coròna-bhìoras a' fàgail gun deach seachdain Ceòlas a chur dheth.

Cha deach a h-uile càil a chur dheth buileach glan, ge-ta.

Thèid a' chèilidh mhòr - a' chuirm mu dheireadh den sgoil-shamhraidh - a chumail air-loidhne.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.