Tagradh às ùr airson fear a tha dhìth

  • Air fhoillseachadh
Seumas PatonTùs an deilbh, Police Scotland
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an càr aig Seumas Paton a' lorg agus an cù aige na bhroinn.

Rinn Poileas Alba tagradh às ùr 'son fiosrachadh mu Sheumas Paton a tha air a bhith dhìth fad sia mìosan.

Chaidh Mgr Paton, aois 73, fhaicinn mu dheireadh air an 23mh Dùbhlachd faisg air Abhainn na Manachainn.

Bha e a' dràibheadh aig Coille an Raotail faisg air Abhainn na Manachainn mu 1.30f Diluain an 23mh Dùbhlachd.

Chaidh an càr aige a lorg sa choille mu 4.30f an latha sin fhèin leis a' chù aige na bhroinn gun sgeul air Mgr Paton.

Uallach

Tha na poileas airson a chuir an cuimhne dhaoine gu bheil e fhathast a dhìth agus tha iad a' sireadh fiosrachaidh sam bith a dh'fhaodadh a bhith aig duine.

Tha Mgr Paton mu 5 troighean is 8 òirlich a dh'àirde agus tapaidh le gruag ghlas agus feusag.

Nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh, bha e ann am briogais dhubh le geansaidh purpaidh, seacaid uaine agus bòtannan ruadh.

Chaidh oidhirp mhòr a dhèanamh aig an àm gus lorg fhaighinn air Mgr Paton le dàibhearan, coin poileas, seirbheisean smàlaidh agus Sgioba Teasairginn Dùn Dòmhnaill le heileacoptair nam Maor-chladaich an sàs.

Thuirt na poilis gu bheil teaghlach Mhgr Phaton fo uallach mu dheidhinn is gun sealladh air bho chionn 6 mìosan.

Ma tha fios aig duine dad mu dheidhinn, faodaidh iad fòn a chuir thuca air 101.