Naidheachdan 11:00m

Bidh tuilleadh fiosrachaidh aig Prìomh Mhinistear na h-Alba an-diugh mun ath-cheum ann an togail an Lockdown an Alba. Innsidh Nicola Sturgeon ma dh'fhaodas earrainnean eile den eaconomaidh fosgladh a-rithist. Thuirt i gun gabh sin dèanamh leis gun deach smachd a chur air a' bhìoras gu math nas fheàrr na bha dùil.

Thàinig fiosrachadh mionaideach bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an-diugh mun dòigh sam fosgail taighean-bìdhe, taighean-seinnse 's taighean-òsta ann an Sasainn a-rithist an ceann deich làithean. Dh'ainmich am Prìomhaire, Boris Johnson, fuasgladh mòr an-dè anns an Lockdown ann an Sasainn, le gearradh gu 1 mheatar anns an astar a dh'fheumas daoine a chumail bho chèile.

Tha Institiùd Fraser of Allander ag ràdh gu bheil Alba anns a' chrìonadh eaconomach as miosa bho 's cuimhne le daoine. Tha a' bhuidheann eòlaichean bho Oilthigh Shrath Chluaidh ag ràdh gun do theirig an eaconomaidh an còigeamh cuid anns a' Ghiblean, agus gu bheil cunnart ann gum bi sin nas miosa buileach air mìosan an t-Samhraidh.

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, nach e saothar gun adhbhar a bh' aig tidsearan a rinn planaichean airson sgoiltean fhosgladh anns an Lùnastal le astar sòisealta agus foghlam measgaichte eadar an sgoil agus an dachaigh. Dh'innis esan an-dè nach bi feum air na planaichean sin, agus gum fosgail na sgoiltean làn-ùine gun astar sòisealta. Tha tidsearan a' gearain gun do chosg iad ùine nach leigeadh iad a leas, ach thuirt Mgr Swinney gu bheil na planaichean feumail air eagal agus gun till am bhìoras.

Chaidh tagradh airson cead ruith dachaigh chùraim Home Farm ann am Port Rìgh a chur an dara taobh, aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis an-diugh. Bha Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim ag iarraidh an cead sin a thoirt bhon chompanaidh HC-one. Chaidh innse dhan chùirt ge-tà, nach eileas a' faicinn gu bheil slàinte luchd-còmhnaidh ann an Home Farm fo chunnart mhòr sam bith, ach gu bheil ruith na dachaigh fathast gu mòr an urra ri NHS na Gàidhealtachd. Chaidh iarraidh air HC-one tighinn air ais gu Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim an ceann trì seachdainnean le plana mionaideach air mar a tha iad am beachd a bhith a' ruith Home Farm bho seo a-mach, agus bidh èisteachd eile ann an ceann ochd seachdainnean.