Mì-thoileachas ann an Caol Reatha mu phlanaichean SSE

Tha mì-thoileachas ann an Caol Reatha mu phlanaichean SSE airson an loidhne dhealain san Eilean Sgitheanach ùrachadh.

Tha a' choimhearsnachd ag ràdh gun do dh'aontaich SSE gum biodh an loidhne ùr a' leantainn an t-slighe a tha an loidhne a' gabhail an-dràsta - bho Chaol Reatha suas taobh a' chladaich seachad air Caol Acain. Ach tha SSE a-nis airson a cuir tro Ghleann Udal - rud nach eil a' còrdadh ri muinntir na sgìre.

Tha tuilleadh aig Seonaidh MacCoinnich.