Aithisg bhliadhnail MG ALBA
Dh'aidich MG ALBA, a tha a' ruith BBC ALBA cuide ris a' BhBC nach do ràinig iad na targaidean aca a thaobh àireamh luchd-amhairc thar na bliadhna mu dheireadh - sin am measg coimhearnsachd na Gàidhlig - no gu h-iomalan.
Thuirt iad, ge-ta, gun d' thàinig àrdachadh air an ìre aig an robh luchd-amhairc riaraichte le prògraman an t-sianail. Dh'fhoillsich a' bhuidheann an aithisg bhliadhnail aca an-diugh.
Tha an aithris seo aig Alasdair MacIllinnein.