Naidheachdan 11:00m

ithean

Dh'iarr Prìomh Mhinistear na h-Alba air daoine a bhith fìor fhaiceallach agus a' mhòr-chuid de bhùithean air an t-sràid ann an Alba air fosgladh a-rithist an-diugh. Bidh cola-deug eile ann ge-tà, mus fhosgail bùithean a tha a-staigh ann an ionadan bùtha. Thuirt Nicola Sturgeon gum biodh e tàmailteach cur às dhan adhartas an aghaidh a' Choròna-bhìorais agus chuir i ann an cuimhne dhaoine cumail ris an astar-shòisealta agus còmhdach aodainn a chleachdadh.

Thuirt Boris Johnson gu bheil cothrom ann atharrrachadh agus rudan a dhèanamh nas fheàrr an dèidh èiginn a' Choròna-bhìorais. Tha dùil ri fios bhon Phrìomhaire an-diugh mu phrògam de phròiseactan bun-structar mòra airson brosnachadh a thoirt dhan eaconomaidh.

Dh'iarr ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, air an Riaghaltas buidseat a chumail san Iuchar mar phàirt den dleasdanas do dh'fheadhainn a chaill an cosnadh. Thuirt e gum faodadh cion a' chosnaidh èirigh gu ìre nach fhacas air a' ghinealach seo.

Tha dragh air a' Phàrtaidh Làbarach gu bheil Boris Johnson ag atharrachadh na sgioba aige ann an Whitehall aig àm èiginn nàiseanta. Dh'innis an Riaghaltas gum fàg Sir Mark Sedwill, Àrd-Sheirbheiseach Catharra na Rìoghachd Aonaichte, a dhreuchd mar Rùnaire a' Chaibineit san t-Sultainn, agus tha casaidean ann gu bheileas ga phutadh a-mach. Tha ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, a' ceasnachadh carson a tha sin a' tachairt aig an àm seo agus thuirt e gur ann a bu chòir aire a' Phrìomhaire a bhith air an staing eaconomaigeach.

Tha còmhraidhean a' dol air adhart an-diugh eadar an Riaghaltas ann an Westminster agus na dùthchannan fèin-riaghailte mun atharrachadh anns na riaghailtean airson siubhail eadar-nàiseanta. Tha sin an dèidh do Whitehall innse gu bheil Oifis nan Dùthchannan Cèin ag atharrachadh na comhairle mu shiubhal a tha deatamach. 'S ann aig Pàrlamaid na h-Alba a tha smachd ge-tà, air cuarantain do luchd-siubhail a thig a dh'Alba. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e a b'fheàrr leothasan ach aonta eadar na ceithir dùtchannan san Rìoghachd Aonaichte agus gum faodadh Alba a slighe fhèin a ghabhail airson dìon a chur air an dùthaich bho sgapadh a' bhìorais.

Tha àireamh a' bhàis le Covid-19 a-nise aig còrr 's leth mhuillean air feadh an t-saoghail. 'S iad nan Stàitean Aonaichte an dùthaich as miosa a tha a' fulang le còrr 's 125,000 bàs.

Tha riochdairean na Rìoghachd Aonaichte anns a' Bhruiseil an-diugh aig a' chiad chòmhraidhean malairt bho thòisich sgapadh a' Choròna-bhìorais anns an dùthchannan Eòrpach. Bidh fad mìos de chòmhraidhean ann an-dràsta ag amas air aonta ro Bhrexit aig deireadh na bliadhna.