Maraton Loch Nis is Fèis na Ruithe air an cur dheth

  • Air fhoillseachadh
Loidhne tòisich Maraton Loch NisTùs an deilbh, Paul Campbell

Chaidh Maraton Loch Nis is an Fhèis Ruithe a tha na chois a chur dheth air sgàth suidheachadh a' Choròna-bhìorais.

Bha còir aig a' mharaton is na rèisean eile - 10k is 5k is rèis an Wee Nessie nam measg - a bhith ann air an 4mh den Dàmhair.

Tha an tachartas air a bhith ann bho 2002 is bha cha mhòr 10,000 luchd-ruith ann an-uiridh.

'S ann bho thaobh a-muigh na h-Alba a bha a' mhòr-chuid a rinn am maraton ann an 2019.

Sàbhailteachd

Dh'innis an fheadhainn a tha a' cur nan rèisean air dòigh gur e co-dhùnadh duilich a bh' ann an cur dheth ach gu bheil e stèidhichte air sàbhailteachd.

Thuirt iad cuideachd gun tug mì-chinnt mu na riaghailtean a bhios ann a thaobh a bhith a' siubhail chun na Gàidhealtachd buaidh air a' cho-dhùnadh.

Gheibh a h-uile duine a bha gus a bhith a' ruith am-bliadhna àite ann an rèisean 2021, a bhios ann air an 3mh den Dàmhair.

"Tha sinn moiteil às an tachartas againn agus gu bheil blas math Gàidhealach air", thuirt Stiùiriche Maraton Loch Nis is Fèis na Ruithe, Calum Mac an t-Sutharlanaich.

"Le astarachadh sòisealtach is bacaidhean eile bha dragh oirnn gum biodh sin air a chall.

Eaconomaidh

"An àite sin nì sinn gach oidhirp airson dèanamh cinnteach gum bi rèisean air leth againn ann an 2021", thuirt e.

Thuirt VisitScotland gu bheil Maraton Loch Nis is Fèis na Ruithe cudromach do dh'eaconomaidh na Gàidhealtachd ach gu bheil iad a' tuigsinn agus a' cur taic ris a' cho-dhùnadh tachartas na bliadhna-sa a chur dheth.

Dh'innis iad gum bi àite mòr aig rèisean 2021 ann a bhith a' cuideachadh ri spionnadh às ùr a chur san eaconomaidh.

Chaidh dearbhadh an t-seachdain seo chaidh nach bi tachartas mòr baidhseagail an Etape ann am-bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo