Aiseag Ghlinn Eilg na thàmh am-bliadhna
- Air fhoillseachadh

Chaidh a dhearbhadh nach bi an t-seirbheis aiseig eadar Gleann Eilg agus Caol Reatha ann am-bliadhna.
Bidh an t-seirbheis ann gach bliadhna eadar Àm na Càisge agus an Dàmhair.
'S e bàta-aiseig rudeigin ainmeil a th' anns an MV Gleann a' Chaolais, agus i an aiseag mu dheireadh san t-saoghal air a bheil deaca-tionndaidh a tha ri obrachadh le làimh.
Dh'innis a' chompanaidh coimhearsnachd a tha ga ruith ge-tà, gu bheil suidheachadh a' Choròna-bhìorais a' fàgail nach bi an t-seirbheis ann an 2020.
Thuirt iad gun tàinig iad dhan cho-dhùnadh seo às dèidh dhaibh meòrachadh air suidheachadh an ionmhais agus na ceumannan a bhiodh a dhìth airson luchd-obrach agus luchd-siubhail a chumail sàbhailte.
Thuirt a' chompanaidh gun till an t-seirbheis ann an 2021.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 Am Màrt 2017

- Air fhoillseachadh7 Am Màrt 2017
