Naidheachdan 11:00m
Thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, gum feum Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cabhag a dhèanamh agus tuilleadh airgid a chur ri pròiseactan bun-structair airson an eaconomaidh a thogail a-mach à èiginn a' Choròna-bhìorais. Tha Boris Johnson am beachd luach £5bn de phròiseactan ainmeachadh. Thuirt Ceit Fhoirbeis gum feum Westminster cead a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba tuilleadh airgid a ghabhail air iasad, agus taic a chur ri plana £80bn a chosg air brosnachadh eaconomach.
Tha na figearan as ùire ag ràdh gun do sheirg eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte barrachd na bha dùil air a' chiad thrì mìosan den bhliadhna, aig 0.22%. 'S e 0.2% a bha Oifis na Staitistig Nàiseanta a' tomhas a bhiodh ann. Tha dùil ri crìonadh nas motha buileach air an ath-chairteal, nuair a bhios buaidh an Lockdown nas fhollaisiche.
Tha còrr is 1,700 de luchd-glanaidh agus dorsairean ann an sgoiltean na h-Alba ag ràdh gu bheil iad a' faireachadh gu bheil an Coròna-bhìoras na chunnart dhaibh anns an àite-obrach. Ann an litir fhosgailte gu Nicola Sturgeon tha an t-aonadh GMB a' togail dragh mu chion dìon phearsanta PPE, agus measadh sàbhailteachd. Tha na sgoiltean a' fosgladh anns an Lùnastal gun astar sòisealta ma bhios smachd air a' bhìoras. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir uidheamachd PPE a bhith aig luchd-obrach far a bheil feum air.
Dh'iarr Caledonian Mac a' Bhriuthainn an leisgeul a ghabhail agus an làrach-lìn aca air tuiteam an-diugh agus e fìor thrang le luchd-siubhail ag iarraidh àite a chur air dòigh air na seirbheisean aiseig. Tha cead ann bho anns a' mhadainn an-diugh ticeadan a cheannach airson siubhail air aiseag air an ath-chola-deug. Ach le riaghailtean an astair shòisealta tha casg air na th' ann de dh'àiteachan. Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad a' dèanamh an dìcheil dèiligeadh ris a h-uile duine cho luath 's is urrainn dhaibh.
Tha an t-Aonadh Eòrpach a' càineadh laghan ùra tèarainteachd a chuir Sìona an sàs ann an Hong Kong. Agus thuirt Ceannard a' Choimisein Eòrpaich, Ursula Von der Leyen, gu bheil iad a' bruidhinn a-niste ri dùthchannan eile mun ath-cheum. Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Dominic Raab, gu bheil dragh mòr air a Rìoghachd Aonaichte mu chòraichean agus saoirse mhuinntir Hong Kong. Ach thuirt Àrd-Oifigeach Hong Kong, Kari Lam, nach toir an reachdas ùr buaidh air fèin-ùghdarras na sgìre.
'S e an-diugh an là mu dheireadh aig làrach Mhichelin ann an Dùn Dè. Tha dà bhliadhna ann bho dh'innis a' chompanaidh Fhrangach a tha a' dèanamh thaidhrichean gum biodh iad a' dùnadh na factaraidh. Tha an dùnadh a' tighinn nas tràithe na bha dùil ge-tà, le buaidh a' Choròna-bhìorais air gnìomhachas. Tha còrr is 800 de luchd-obrach aig an fhactaraidh ann an Dùn Dè a dh'fhosgail bho chionn faisg air 50 bliadhna.