Naidheachdan 11:00m

Thèid àireamhan na seachdain seo airson bàs le Coròna-bhìoras an Alba fhoillseachadh tràth feasgar. Bha 49 bàs anns an t-seachdain mu dheireadh, an ochdamh seachdain ann na sreath a bha àireamh nas lugha ann. Tha sin ro cho-dhùnadh a-màireach air am bi atharrachadh anns an astar shòisealta aig 2m.

Tha glanadh mionaideach a' dol air adhart aig RAF Inbhir Lòsaidh agus amharas ann gu bheil an Coròna-bhìoras air dithis chontractair a bha ag obair air an raon-laighe ùr. Rinn a' chompanaidh dha bheil iad ag obair deuchainn ir an dithis, a tha a-niste a' fèin-aonarachadh gus an tig dearbhadh bho dheuchainn oifigeil NHS na h-Alba.

Tha Comann Meadaigeach Bhreatainn am measg na tha ag iarraidh air an Riaghaltas fiosrachadh a chumail ris an h-ùghdarrasan ionadail ann an Sasainn a tha a' strì ri àrdachadh ann an cùisean a' bhìorais. Tha càineadh ann mun ùine a thug an Riaghaltas a' toirt fiosrachaidh mu àireamhan do dh'oifigich slàinte ann an Leicester a tha a' feuchainn ri smachd a chur air sgapadh às ùr anns a' bhaile sin.

Tha còrr is 300,000 duine ann am Melbourne ann an Astràilia a' tilleadh gu Lockdown airson mìos eile. Thàinig àrdachadh bho chionn là no dhà anns an àireamh chùisean ùra den bhìoras an sin.

Thuirt a' chompanaidh dham buin Upper Crust agus Café Ritazza gu bheil 5,000 cosnadh ann an cunnart. Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad a' fulang leis nach eil mòran luchd-siubhail a' dol tro na puirt-adhair agus na stèiseanan rèile far a bheil a' mhòr-chuid de na bùthainnean aca.

Chaidh fear mu choinneimh an Old Bailey an-diugh fo chasaid mun ionnsaigh sgèine ann an Reading bho chionn faisg air cola-deug anns an deach triùir a mharbhadh. Chaidh Khairi Saadallah, a tha 25 bliadhna de dh'aois, a chumail an grèim gus am bi èisteachd eile ann an ath-sheachdain.

Tha dragh air comhairlichean ann an Loch Abar agus air muinntir na sgìre gum faodadh Caledonian Mac a' Bhriuthainn Aiseag a' Chorrain a ghabhail thairis. Tha oifigich Chomhairle na Gàidhealtachd, a tha a' ruith na seirbheis a-dràsta, a' moladh faighneachd do Chòmhdhail Alba - buidheann a bhuineas do Riaghaltas na h-Alba - an gabhadh an Stàit thairis an t-seirbheis. Tha an dà bhàta a th' ann sean agus a' sìor fhàs nas daoire a chàradh, ach tha dragh ann gum biodh faradh gu math nas motha ann le CalMac.