Tuilleadh cheistean mu aiseag a' Chorrain

Thèid fios a chur gu Còmhdhail Alba faic am biodh iad deònach seirbheis aiseag a' Chorrain ann an Loch Abar a ghabhail thairis.

'S iad Comhairle na Gàidhealtachd a tha ga ruith an-dràsta agus tha oifigearan airson 's gun tèid an ceum seo a ghabhail leis gum feum iad airgead mòr a chosg air a' bhàta.

Tha dragh air comhairlichean Loch Abair ge-ta - agus air cuid de mhuinntir na sgìre - gum faodadh CalMac an t-seirbheis a ghabhail os làimh - rud nach eil iad idir ag iarraidh.

Tha an sgeulachd aig Eileen NicDhòmhnaill.