Railidh Mhuile dheth
- Air fhoillseachadh

'S e Pòl MacFhionghuin a bhuannaich an railidh an uiridh.
Chaidh Railidh chàraichean Mhuile a chur dheth am-bliadhna ri linn buaidh a' Choròna-bhìorais.
Bha còir aige a dhol air adhart 'son ceithir làithean a' tòiseachadh air an 8mh Dàmhair, ach leis a' mhì-chinnt agus iomagain timcheall a' phandemic cho-dhùin na daoine a tha a' cur na rèise air dòigh gum biodh e na bu shàbhailte a cur dheth am-bliadhna.
Thòisich Railidh Mhuile ann an 1969 agus 's iad a' chiad railidh a fhuair cead tro Achd Pàrlamaid airson rathaidean a dhùnadh dhan phoball airson an rèis a chumail.
2021
Bidh daoine a' tighinn dhan eilean bho air feadh an t-saoghail airson a bhith a' farpais agus a bhith a' coimhead na rèise.
B' fheudar dhaibh an railidh a chur dheth ann an 2017 agus 2018 leis nach fhaigheadh iad àrachas.
Bha seo fhad 's a bha rannsachadh a' dol air adhart air mar a chaidh luchd-amhairc a mharbhadh aig Railidh Jim Clark anns na Crìochan agus Railidh an Snowman ann an Inbhir Nis.
Thuirt luchd-stiùiridh an railidh gu bheil iad a nise a' coimhead air adhart gu 2021 's iad an dùil gum bi an rèis nas motha is nas fhèarr buileach.Chaidh Railidh chàraichean Mhuile a chur dheth am-bliadhna ri linn buaidh a' Choròna-bhìorais.