Naidheachdan 11:00m
Dh'iarr Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, air daoine a bhith faiceallach ma tha iad a' dol gu taighean-bìdh neo taighean-seinnse a tha a' fosgladh an-diugh agus riaghailtean an lockdown gan togail. Tha cead aca sin biadh agus deoch a reic cho fad 's gu bheil daoine a' suidhe a-muigh agus a' fuireach dà mheatair bho chèile. Tha dùil gum fosgail taighean-seinnse agus taighean-bìdh na goireasan aca air taobh a-staigh dhorsan a-rithist air a' 15mh den mhìos.
Dh'fhosgail gàrraidhean agus oighreachdan Urras Nàiseanta na h-Alba dhan mhòr-shluagh a-rithist an-diugh. Tha an cathranas ag ràdh gu bheil iad a' cur fàilte air luchd-tadhail air na làraichean aca air a' bhlàr a-muigh, ged a tha na toglaichean a bhuineas dhaibh fhathast dùinte.
Chuir buidhnean ealain fàilte air còrr 's £1.5bn bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson taic a chumail ri taighean-cluiche, taighean-deilbh, gailearaidhean agus ionadan culturail eile. Gheibh Alba £97m den airgead sin a bharrachd air an £10m a dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain seo chaidh.
Tha NHS Arcaibh a' rannsachadh an dàrna bristeadh ann an sia seachdainean ann am fiosrachadh mu luchd-obrach. An turas seo chaidh fiosrachadh pearsanta mu dheichnear de na h-àrd oifigich a chur gu pàipear-naidheachd ionadail an dèidh iarratas bho Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Tha seo an dèidh tachartas eile sa Chèitean anns an deach fiosrachadh a sgaoileadh le mearachd mu euslaintich agus an robh no nach robh Coròna-bhìoras orra. Thuirt Àrd-Oifigeach Eadar-amail NHS Arcaibh, Mìchael Dickson, gum bi iad a' tabhann an leisgeil air a h-uile duine den luchd-obrach air an tug seo buaidh.
Thuirt fear de na buill Thòraidheach ann am Pàrlamaid na h-Aba, Dòmhnall Camshron, gu bheil ceist na Gàidhlig air a dhol ro phoilitigeach ach gu bheil na Tòraidhean deònach obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba airson cor na Gàidhlig a leasachadh. Bha Mgr Camshron a' bruidhinn às dèidh do leabhar nochdadh an t-seachdain seo chaidh a thuirt gu bheil Gàidhlig an cunnart a dhol à bith mar chànan coimhearsnachd taobh a-staigh deich bliadhna. Thuirt Ceannard nan Làbarach an Alba, Ridseard Leonard, air an deireadh sheachdain gu bheil e cudromach taic a chumail ris a' Ghàidhlig a thaobh an dualchais agus dha na coimhearsnachdan anns am bheil i fhathast.