Pìos eile de rathad ùr Inbhir Nis fosgailte

  • Air fhoillseachadh
Rathad an t-Seanaileir BoothTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd

Chaidh pìos ùr de Cheangal-rathad an Iar Inbhir Nis fhosgladh Diluain air Rathad an t-Seanaileir Booth.

Tha seo a' ceangal sgìre Chinn a' Mhìlidh ris an A82.

Gheibhear thuige bhon chearcall-rathaid ùr air an A82, ged a tha solais-trafaig ann an-dràsta gus an tèid soidhnichean-rathaid a chur suas thairis air na mìosan a tha air thoiseach oirnn.

Chaidh maill a chur air an obair air sgàth a' Choròna-bhìorais.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd agus a' chompanaidh a rinn an obair, RJ MacLeòid, taing dhan phoball airson an cuid foighidinn.

Tha casg astar de 30 m.s.u. air a' phìos seo den rathad.