Seallaidhean leumadairean is mhucan-mara gan sireadh

  • Air fhoillseachadh
Leumadair

Tha Urras Mhucan-Mara is Leumadairean Innse Gall ag iarraidh air a' phoball innse dhaibh ma chì iad sealladh air na beathaichean mara sin far chostaichean an taoibh shiair.

Le beachd gu bheil fiadh-bheatha air feadh an t-Saoghail air tighinn bèo às ùr ri linn a' Choròna-bhìorais leis nach eil uiread de ghluasad dhaoine a' dol air adhart, tha an t-Urras airson faighinn a-mach dè th' air a bhith a' tachairt sna uisgeachan.

Tha uisgeachan Innse Gall fior chudromach airson bheathaichean mar mhucan-mara, leumadairean, siorcan, cearbain is puthaigean.

Tha iad ag iarraidh gun innis daoine dhaibh ma chì iad na creutairean seo far nan costaichean nuair a tha iad a-muigh aig muir.

Gainnead Fiosrachaidh

Sin airson a' bhuidheann a chuideachadh ann a bhith a' tuigsinn buaidh a' Choròna-bhìorais orra.

Leis gu bheil casg-siubhail air a bhith an sàs airson mhìosan, chan eil an aon chothrom air a bhith aig an Urras am fiosrachadh a chruinneachadh iad fhèin.

Cha do dh'fhulaing iad an uiread seo de ghainnead fhiosrachaidh ann am 20 bliadhna.

Chaidh na tursan àbhaisteach aca aig muir airson rannsachadh saidheansail a dhèanamh, a chur dheth air sàilleibh a' ghalair.

Agus tha iad ag ràdh gu bheil an àireamh de sheallaidhean a tha am poball air aithris air a dhòl sios 80%.

Cothrom

Leis gu bheil an casg-siubhail ga lagachadh a-nis, thathar ag iarraidh air daoine a tha ag obair aig muir no a' fuireach mu na costaichean, clàr a chumail de na chì iad agus dealbhan a thogail cuideachd.

Tha cothrom aca an uairsin sin a chlàradh air an làraich-lìn aca, taobh a-muigh no air app fòn-làimhe a ghabhas cleachdadh às aonais Wifi.

"Chan eil fhios againn fhathast dè a' bhuaidh a bhios aige seo air na beathaichean mara, ach leis nach eil uimhir de bhàtaichean air a bhith a-muigh no cur seachadan a' dol aig muir, bidh e gun teagamh air a bhith nas sàmhaiche dhaibh", thuirt an Dtr Lauren Hartny-Mills, Manaidsear Glèidhteachais is Saidheans aig Urras Mhucan-Mhara is Leumadairean Innse Gall.

"Bhiodh e coltach gum biodh deagh bhuaidh aige seo air mucan-mara is leumadairean, oir bidh iad a' cleachdadh fuaim airson conaltraidh agus airson biadh a lorg, agus gu dearbha airson a bhith gan dìon fhèin", thuirt i.

"Tha e furasta aithris a dhèanamh, agus cuidichidh a h-uile turas a thèid a chlàradh sinn - ge b' i an e turas bàt'-aiseig no caidheag a bh' ann - 's an tuigse a th' againn air a' bhuaidh a tha an Lockdown a' toirt air mucan-mara is leumadairean na h-Alba", thuirt an Dtr Hartny-Mills.