Iomairt ainmean Gàidhlig
Tha aon choimhearsnachd air smachd a ghabhail air a' Ghàidhlig- sin a' choimhearsnachd air-loidhne.
Tha iomairt ga cur air bhog, ag iarraidh air daoine an ainmean a thaisbeanadh anns a' Ghàidhlig air na meadhanan sòisealta.
Chaidh "Dè an t-ainm a th' ort?" a thòiseachadh mar fhreagairt cuideachd air an leabhar a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain a chaidh - the Gaelic Crisis in the Vernacular Community.
Am measg na bha anns an leabhar, thogadh draghan gum bi a' Ghàidhlig marbh mar chànan coimhearsnachd an ceann 10 bliadhna.
Tha Annabel Nic'illinnein ag aithris.