£2m do phròiseactan air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Sgùrr EigeTùs an deilbh, Jim Barton/Geograph

Tha dà phròiseact air a' Ghàidhealtachd a' faighinn earrainn de £12m a dh'ainmich an Crannchur Nàiseanta airson phròiseactan air feadh na h-Alba.

Uile gu lèir tha 311 buidheann an Alba a' faighinn earrainn den airgead, a tha ag amas air togalaichean a th'ann mar thà a dhèanamh nan goireasan ùra coimhearsnachd.

Air Ghàidhealtachd tha pròiseact gus Ionad Coimhearsnachd - An Laimrig - a leudachadh agus a leasachadh ann an Eilean Eige, agus ionad far am faigh clann agus inbhich òga le feumalachdan sònraichte an taic a tha a dhìth orra ann an Inbhir Nis.

Tha pròiseact Eige a' faighinn £1,045,000.

Làn gu Doras

"Tha sinn air ar dòigh glan an t-airgead seo fhaighinn bhon Chrannchur Nàiseanta," thuirt Manaidsear Leasachaidh Ghnothachais aig Urras Dualchais Eilein Eige, Rebecca Long.

"B'e an Laimrig a' chiad phròiseact a rinn an t-Urras an dèidh dhuinn an t-eilean a cheannach ann an 1997.

"23 bliadhna an dèidh sin, tha 70% a bharrachd dhaoine a' fuireach san eilean, agus tha an t-ionad làn gu doras, agus tha e a' faileachadh air an aon bhùth, chafaidh, oifisean coimhearsnachd agus gnothachasan a tha ag amas air luchd-tadhail cumail suas ris an uallach a tha ga chur orra," thuirt i.

Tha muinntir Eige ag obair leis an sgioba a dhealbh An Crùbh ann an Slèite, agus talla bhaile ùr Eilein Idhe, gus am pròiseact a chur an cèill.

"Naidheachd mhìorbhaileach"

Ann an Inbhir Nis, cleachdaidh Bunait Cuimhneachaidh Elsie Normington £1,100,000 mu choinneimh Ionad an Haven a thogail.

Bidh sin na ghoireas sònraichte ioma-chleachdmhor do chloinn agus daoine òga le feumalachdan sònraichte.

Bidh trì taighean faochaidh anns an ionad, le dà sheòmar cadal an urra, ionadan cluiche sònraichte, a thuilleadh air oifisean, àiteachan coinneachaidh, agus gàrradh coimhearsnachd.

"'S e naidheachd mhìorbhaileach a tha seo do dh'urrasairean a' Bhunait, agus a h-uile duine a tha an sàs ann an iomairt an Haven," thuirt Cathraiche a' Bhunait, Elsie Normington.

"Rinn sinn obair mhòr ag ullachadh an iarrtais againn, 's tha sinn gu math taingeil don Chrannchur Nàiseanta.

"Bheir seo buannachd don chloinn as airidh air taic sa cho-chomann againn," thuirt i.

A thuilleadh air an dà phròiseact sin, tha Iomairtean Coimhearsnachd Mheadhan Earra-Ghàidheal Eta a' faighinn £770,000 airson leasachadh a thoirt air amar-snàimh coimhearsnachd.

Gheibh cuideachd Urras Leasachaidh Thiriodh £558,497 airson goireasan connaidh ùra a stèidheachadh ri taobh na bùtha ann an Crosabol.