Dragh air luchd-cùraim chloinne

Dh'fhaodadh nach bi e comasach do mhòran a tha a' coimhead as dèidh clann dhaoine eile cumail orra air sgàth an stiùiridh ùir oifigeil a th'ann dhaibh.

Sin a rèir a' chomainn a tha a' riochdachadh a' ghnìomhachais ann an Alba.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach biodh na riaghailtean ùra tha seo a' maireachdainn sgath nas fhaide na bhios feum orra a thaobh sàbhailteachd.

Tha an aithris seo aig Shona Nic a' Phiocair.