Agallamh slàn le Màiri NicAonghais
'S iomadh facal a dh'fhàgadh anns a' chola-deug mu dheireadh bho thàinig an leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community a-mach.
Chan eil poileasaidhean ag obrachadh ann an sgìrean dùthchasach na Gàidhlig anns na h-eileanan, tha an luchd-rannsachaidh ag ràdh.
Bhruidhinn sinn ri cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Màiri NicAonghais, aig toiseach gnothaich - coltach ris a' chuid mhòir - cha robh i air cothrom fhaighinn an leabhar a leughadh aig an àm sin.
Bha i a' cumail a-mach gun robh na poileasaidhean ceart gan cur an sàs.
Bhruidhinn i a-rithist air Aithris na Maidne Dimàirt.