Fèis Cheilteach Innse Gall air-loidhne
Bha còir aig Fèis Cheilteach Innse Gall a bhith a' tòiseachadh an-dràsta ach tha an Gearradh Cruaidh gu math sàmhach an taca ris an àm seo sna bliadhnaichean a dh'fhalbh.
Bhathas a' sùileachadh fèis mhòr am-bliadhna is 25 bliadhna ga comhrachadh ach air sàilleabh Chovid-19 feumar a' chùis a dhèanamh le cuirmean is fiolmaichean gan craoladh air-loidhne.