Obraichean Sgitheanach "ann an cunnart"

  • Air fhoillseachadh
Taigh-òsta Phort Rìgh

Tha òstair san Eilean Sgitheanach a' fàgail air Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil suas ri 20 cosnadh ann an cunnart leis cho slaodach 's a tha siostam dealbhachaidh agus ceadachd na Comhairle.

Thog Campbell Dickson, leis a bheil Taigh-òsta Phort Rìgh, 8 àitichean-ithe ùra taobh a-muigh an togalaich, coltach ri taighean-glainne beaga, airson luchd-frithealaidh a chumail nas fhaide bho chèile ri linn riaghailtean a' Choròna-bhìorais.

Thuirt e gun tuirt a' Chomhairle ris gum feumadh e an toirt air falbh seach nach robh cead aige air an son.

Cha b' urrainn dha feitheamh, thuirt e, gus am faigheadh e cead bhon Chomhairle seach gum feumadh e gluasad gu sgiobalta airson brath a ghabhail air na bha air fhàgail de sheusan na turasachd.

Tha e ag ràdh gu bheil seasamh na Comhairle a' cur eadar 15 agus 20 dreuchd ann an cunnart.

Draghan

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd ge-tà, gu bheil iad riaraichte leis an làr fiodha agus na suidheachain agus gu bheil iad sin ceadaichte.

Tha draghan orra ge-tà, mu na structaran a chaidh a thogail air an deacadh, agus thuirt iad gu bheil còmhradh a' dol air adhart mun deidhinn.

Thuirt iad gu bheil iad ag aithneachadh gur e àm fìor dhuilich a tha seo do ghnìomhachasan agus gum bi iad a' cumail taic riutha anns a h-uile dòigh as urrainn dhaibh.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh