Sgoiltean nan Eilean Siar ag ullachadh airson fosgladh

  • Air fhoillseachadh
Àrd-sgoil MhicNeacailTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag obair air planaichean airson sgoiltean nan Eilean fhosgladh às ùr an ath-mhìos.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain seo chaidh nach bi feum air astarachadh sòisealta am measg na cloinne fhèin, ach gum bi na riaghailtean sin fhathast a' buntainn ri luchd-teagaisg.

Thuirt Àrd-Oifigear Foghlaim na Comhairle, Dòmhnall MacLeòid, gu bheil iad fhathast ag obair air leithid còmhdhail-sgoile, airson dèanamh cinnteach gun tèid aca air a' chlann air fad a thoirt dhan sgoil agus air ais dhachaigh.

Tha coltas ann ge-tà, nach bi cuid de chuspairean, leithid PE, ceadaichte a' chiad ghreis.

Thuirt Mgr MacLeòid gur dòcha gum bi clann a tha a' tòiseachadh anns a' bhun-sgoil neo anns an àrd-sgoil a' tilleadh an toiseach, agus gun tachair sin là neo dhà mus till na sgoilearan eile, ach gun cumadh iad fios ri pàrantan mu dheidhinn sin.

"Mus tig deireadh na ciad seachdain air ais, tha sinn a' sùileachadh gum bi a h-uile duine air ais anns an sgoil as urrainn a bhith air ais" thuirt e.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh