Dràibhearan air an glacadh air an NC500
- Air fhoillseachadh

Thuirt Poileas Alba gun deach còrr air dusan dràibhear a chur fo chasaid air an NC500 thairis air an deireadh-sheachdain airson a bhith a' dol ro luath neo ann an co-cheangal ri eucoirean rathaid eile.
Chaidh rabhaidhean a thoirt dha 22 eile.
Thuirt na Poilis gun do chuir iad stad air còrr is 100 dràibhear air diofar phàirtean den rathad eadar Disathairne 's Là na Sàbaid.
Bha dùil ri àrdachadh air an àireamh dhaoine a bha tadhal air an sgìre 's an casg air turasachd ann an Alba air a thogail an t-seachdain seo chaidh.