Oidhirp air luchd-turais a thàladh a dh'Inbhir Narann
- Air fhoillseachadh

Tha ceannardan gnothachais ann an Inbhir Narann a' sanasachd a' bhaile mar "Raon-cluiche Gàidhealach na h-Alba" 's iad an dòchas tuilleadh luchd-tadhail a thàladh le riaghailtean a' Choròna-bhìorais gan lagachadh.
Bha dùil aca seo a dhèanamh mus do thòisich am pandemic, ach tha iad a-nis ag amas air margaidh ùir, agus mòran a bharrachd dhaoine an dùil a dhol air saor-làithean ann an Alba 's am Breatainn fhèin seach a bhith a' falbh a-null thairis.
Thuirt cathraiche Sgìre Leasachaidh Ghnothachais Inbhir Narann, Mìcheal Boylan, gu bheil am baile a' tabhainn rudeigin air a h-uile duine, ach gum feumar barrachd a dhèanamh gus a shanasachd mar cheann-ùidhe tlachdmhor.