Ceann là a' teannadh dlùth airson Mòd Nàiseanta na bliadhna sa

  • Air fhoillseachadh
An Comunn GàidhealachTùs an deilbh, BBC Sport

Tha An Comunn Gàidhealach a' sireadh thagraidhean airson Mòd bhiortail na bliadhna sa agus an ceann là a' tighinn faisg.

Ged nach eil am Mòd Nàiseanta a' gabhail àite am bliadhna mar as àbhaist, tha An Comunn Gàidhealach air Mòd bhiortail a' chuir air dòigh.

Feumaidh daoine a tha airson pàirt a ghabhail, an cuid òrain is rannan is bàrdachd a chuir thuca ro dheireadh na mìos a tha seo - an 31mh là den Iuchair.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a bha gu bhith a' gabhail àite ann an Inbhir Nis 's an Dàmhair a ghluasad chun na h-ath-bhliadhna, ri linn a' choròna-bhìorais.

Ach cho-dhùin An Comunn gun cuireadh iad Mòd air-loidhne air dòigh.

Taisbeanadh

"Ged is e am Mòd a tha sinn a'gabhail air, chan e farpaisean mar sin a bhios againn am bliadhna idir ach taisbeanadh", thuirt Seonag NicAnndrais bhon Chomunn Ghàidhealach.

"Bidh aig daoine an aon rud agus as àbhaist dhaibh a dhèanamh le an taghadh fhèin den a cheòl, is de gach rud a bhios iad a' dèanamh, agus tha sinn an dòchas gun còrd sin ris a'mhòr-shluagh.

"Tha mu 60 de dh'fharpaisean gus a bhith ann bho fharpaisean ciùil gu sgrìobhadh gu ealain.

"Tha sinn an dòchas gum bidh buidhnean cruthachail", thuirt i.

Ullachadh

Chan eil mòran ùine air fhàgail aig daoine tagraidhean a chuir a-steach agus mhìnich Seonag NicAnndrais an obair a dh'fheumas muinntir a' Mhòid an uairsin a dhèanamh ann a bhith ag ullachadh an stuth a thèid thuca.

"Tha tòrr obair air cùlaibh gnothaich aon uair gum is faigh sinne na tagraidhean a-staigh", thuirt i.

"Tha aig daoine ri cur a-staigh mar a b'àbhaist dhaibh airson a' Mhòid Nàiseanta, agus an lùib sin feumaidh iad bhideo a chuir thugainn ge bith cò an fharpais anns a bheil iad, 's dòcha dannsa no seinn no bàrdachd.

"A bharrachd air a sin a thaobh litreachas is ealain tha sin ri chuir thugainn.

Comhairle

"Feumaidh sinne a dhol tarsainn air an sin mus falbh e a-mach airson daoine coimhead air.

Chan e a' britheamhachd air ach a' coimhead thairis air agus a'toirt seachad bheachdan agus a'toirt seachad 's dòcha còmhairle air mar a rinn iad is rudan mar sin.

"Tha rudan san amharc againn a bhios a' dol seachdain a'Mhòid, ach chan eil sin air a'stèidheachadh fhathast. Tha sinn ag obair gu mòr an-dràsta air a' Mhòd bhiortail a bhrosnachadh.

"The cèilidhean bhiortail a' dol a h-uile mìos an-dràsta agus bi fear ann ann an cola-deug a-rithist agus tha sinn an dòchas gun còrd sin ris na daoine", thuirt Seonag NicAnndrais.