Naidheachdan 11:00m
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' beachdachadh air laghan tèarainteachd a neartachadh an dèidh na h-aithisg a thuirt nach do thuig an riaghaltas idir cunnart na Ruis do Bhreatainn. Thuirt an aithisg, a dh'fhoillsich Comataidh na Tèarainteachd ann an Taigh nan Cumantan an-dè, nach do rannsaich an riaghaltas, mar bu chòir, aithrisean gun do ghabh an Ruis gnothach ri referendum neo-eisimeileachd na h-Alba ann an 2014 agus referendum Bhrexit ann an 2016. Thuirt an Rùnaire Còmhdhail, Grant Shapps, an-diugh gu bheil iad a' coimhead a-niste, am measg rudan eile, air lagh ùr a bheireadh air riochdairean à dùthchannan eile iad fhèin a chlàradh ann am Breatainn.
Thuirt Leas-Phriomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, nach eil feum an-dràsta air lockdown ionadail ann an Siorrachd Lannraig far am bheil naoi cùisean deug den choròna-bhìoras dearbhte le ceangal ri ionad-fòn Sitel ann an Tobair na Màthar. Thuirt Mgr Swinney gu bheil deuchainnean a' dol air adhart. Chaidh trì cheud 's trì fichead de luchd obrach Sitel fo dheuchainn. Chaidh dearbhadh fhaighinn air trì fichead 's triùir eile a bha faisg orra sin agus chaidh fios a chur air leth-cheud duine 's sia dhiubhsan.
Bha co-dhùnadh aig an Àrd Chùirt ann an Lunnainn an-diugh air cùis a thog feadhainn a bha ag obair dhan Phàrtaidh Làbarach. Ghabh iad sin pàirt ann am prògram Panorama aig a' BhBC an-uiridh agus iad a' càineadh nach do rinn ceannardan Làbarach dad mu chasaidean gu robh gràinn an aghaidh Iùdhach sa phàrtaidh agus iad a' cumail a-mach gun do rinn a' phàrtaidh oidhirp an uairsin air an cliù a mhilleadh. Thuirt am Pàrtaidh Làbarach an-diugh gu bheil iad fìor dhuilich mu na thachair agus dh'iarr iad an leisgeul a ghabhail.
Thuirt Sìona gun do dh'innis na Stàitean Aonaichte dhaibh, gun dad a dhùil aca ris, an consalachd Shìonach ann an Houston, ann an Texas, a dhùnadh. Thuirt ministearachd cèin Shìona gur e ceum eile a tha seo ann an iomairt Aimeireaganach an aghaidh Beijing. Tha na meadhanan anns na Stàitean Aonaichte a' craoladh dhealbhan agus iad ag ràdh gu bheil iad a' sealltainn luchd-obrach Sìonach a' losgadh phàipearan agus bileagan eile aig a' chonsalachd ann an Houston.
Chuir fear a tha ag obair ann an leasachadh agus polasaidh cànain a bheachd fhèin ris an deasbad mu staid na Gàidhlig mar chànan coimhearsnachd. Tha Iain Mac an Tàilleir na òraidiche air polasaidh 's planadh cànain aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Tha esan ag ràdh gum feum cur às dhan a' bhùrach a th'ann an-dràsta le aonadan gàidhlig ann an sgoiltean beurla agus gur e a tha dhìth ach sgoiltean Gàidhlig fa leth.