Fadachd air sgiobaidhean Iomain cluich a-rithist

  • Air fhoillseachadh
Iomainn

Às dèidh rannsachaidh, tha a' mhòr-chuid de sgiobaidhean iomain ag iarraidh cluich a-rithist ma tha e sàbhailte sin a dhèanamh.

Rinn Comann na Camanachd an rannsachadh agus am-measg na 26 sgiobaidhean a chur freagairt air ais, bha 70% dhiubh deònach tilleadh a chluich ann an lìogan beaga ionadal fhad's a bha riaghailtean a thaobh a' choròna-bhìorais gan leantain.

Bha an 30% eile de na sgiobaidhean ag ràdh gur dòcha gum biodh iad deònach cluich.

Plana

Leis gun do dh'fhoilsich riaghaltas na h-Alba cead an t-seachdain 'sa chaidh airson iomain-òigridh, tha Comann na Camanachd air a bhith ag obair air plana airson taic a thoirt do na deifear sgiobaidhean cothrom a chluich a-rithist ma tha iad airson sin a dhèanamh.

Chaidh fhaighneachd dhaibh cuideachd nam biodh ùine ghoirid ro dheireadh 2020 airson cluich, dè seòrsa tachartasan a bu chòir a bhith ann agus thuirt 96% dhiubh gur e geamaichean ionadal a bu chòir prìomhachas fhaighinn.

Leis an fhianais seo, tha Comann na Camanachd a nise a' feuchainn ri cùisean a dheisealachadh airson is gun tìll sgiobaidhean òigridh gu trèanadh agus farpaisean ionadal a chur air dòigh taobh a-staigh riaghailtean Riaghaltas na h-Alba agus fhad's a tha na clubaichean deiseal air a shon.

Thuirt Àrd-oifigear Comann na Camanachd, Derek Keir gu bheil iad cho toilichte gum faigh a' chlann agus òigridh cothrom cluiche a-rithist às dèidh bhith aig fois 'son ùine cho mòr.

"Tha fhios againn, le bhith bruidhinn ri na clubaichean gur e naidheachd a chuireas mòran coimhearsnachdan air feadh Alba fàilte.

Buannachdan

"Tha na buannachdan an luib eacarsaich airson ur bodhaig agus slàinte inntinn foileasach agus às dèidh bliadhna dhoirbh, tha daoine a' coimhead air adhart gu mòr ri bhith a' cluich a-rithist.

"Tha e foilleasach bhon an rannsachadh againn gu bheil na clubaichean airson a bhith cluich a-rithist fhad's a tha e sàbhailte sin a dhèanamh. "