Naidheachdan 11:00m

Tha ministearan ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gum faodadh iad riaghailtean cuarantain a stèidheachadh air tuilleadh dhùthchannan a dh'aindheoin rabhaidh bho ghnìomhachas na turasachd gun tèid companaidhean fodha air a' Gheamhradh seo an dèidh dhan Riaghaltas cuarantain a stèidheachadh a-rithist air feadhainn a tha a' tilleadh dhan Rìoghachd Aonaichte às an Spàinn. Thuirt Rùnaire Ceartais na h-Alba, Humza Yousaf, an-diugh gum feum daoine a tha a' siubhal gu dùthchannan eile gabhail ris agus tuigsinn gum faodadh an suidheachadh atharrachadh aig àm sam bith. Thuirt Stiùiriche Clinigeach Nàiseanta na h-Alba, an t-Oll. Jason Leitch, gum b' fheudar dhan Riaghaltas rudeigin a dhèanamh leis an fhiosrachadh a tha a' tighinn às an Spàinn mu àireamhan a' Choròna-bhìorais an sin.

Bha call de £168m air Ryanair anns na trì mìosan dhan Ògmhios agus mòran de dh'itealain na companaidh nan tàmh le èiginn Chovid-19. Cha do shiubhail còmhla ri Ryanair ach 0.5m duine san ùine sin an coimeas ri 42m aig an aon àm an-uiridh.

Tha dragh air luchd-gnothaich agus gnìomhachasan air feadh na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan le dearbhadh gur ann gann a bhios gin de shoithichean an luchd-turais a' tadhal am-bliadhna. Bha dùil mar eisimpleir ri còrr is 100 soitheach ann an Inbhir Ghòrdain am-bliadhna, an àireamh as motha riamh an sin, ach cha bhi a' tadhal a-niste ach trì dhiubh sin.

Thuirt Buidheann Slàinte na Cruinne gu bheil dearbhadh ann a-niste air còrr is 16m cùis de Chovid-19 air feadh an t-saoghail. Chaidh an àireamh suas còrr is millean ann an ceithir làithean, le àrdachadh mòr ann an cùisean ùra sna Stàitean Aonaichte agus ann am Braisil.

Tha a' bhuidheann iomairt Misneachd ag iarraidh dìon air luchd-labhairt na Gàidhlig bho ghràin stèidhichte air cànan. Tha a' bhuidheann air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba agus dragh orra nach eil guth air cànan ann am Bile Eucoir Gràin agus Òrdugh Poblach na h-Alba a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid.

Rinn teine sgrios air taigh-òsta mòr ann an Sealtainn tràth sa mhadainn an-diugh. Chaidh an t-seirbheis smàlaidh a ghairm gu Taigh-Òsta Muirfield ann am Brae mu 12:30m. Tha e coltach nach deach duine a ghoirteachadh ged a chaidh an togalach, anns a bheil 100 seòmar cadail, a mhilleadh gu dona. Bha an taigh-òsta ri dùnadh an ath-sheachdain an dèidh dhan chompanaidh Total innse nach biodh iad ga chleachdadh tuilleadh airson luchd-obrach na h-ola.