Seusan Leòdhais is Na Hearadh an ìre mhath dheth
Tha e an ìre mhath cìnnteach nach bi seusan ball-coise Leòdhais agus Na Hearadh ann am-bliadhna idir.
Bha coinneamh neo-fhoirmeil ann oidhche Luain eadar riochdairean a' Chomainn agus na sgiobaidhean, ach thuirt iad gun robh tuilleadh chòmhraidhean a dhìth mus biodh fios le cìnnt air an t-slighe air adhart.
Tha cothrom ann do bhuidhnean beaga a bhith a' trèanadh aig ìre a trì air plana Riaghaltas na h-Alba, an ìre aig a bheil sinn an-dràsta, ach tha ceum mòr eadar sin agus a' tilleadh gu geamannan ceart.
Bhruidhinn Dòmhnall Moireasdan ri Cathraiche a' Chomainn, Coinneach MacLeòid.