Trèanaichean dealain air fàire

  • Air fhoillseachadh
TrèanaTùs an deilbh, Bill Harrison-Geograph

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba plana gnìomha airson eimiseinean carboin a lùghdachadh anns na seirbheisean rèile aca.

Mar phàirt de na planaichean thathar ag amas air loidhnichean rèile dealain a stèidheachadh eadar meadhan na h-Alba agus a' Ghàidhealtachd.

Chìthear an uair sin trèanaichean dealain a' ruith eadar Inbhir Nis is Peairt thàiris air na 15 bliadhnaichean a tha romhainn.

Bhiodh e comasach cuideachd trèanaichean a ruith air bataraidh agus le hàidhdreaidean fhaicinn air loidhnichean air feadh na Gàidhealtachd san ùine a tha sin.

Dh'fhoillsich Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain am plana gnìomha Dimàirt an 28mh den Iuchar.

"A' togail air pròiseactan dealain eile a thathar air a thoirt gu buil, tha sinn air plana adhartach a chur an cèill airson ar seirbheisean rèile fhagail glan bho emiseinean carboin ron bhliadhna 2035", thuirt Mgr MacMhathain.

Targaid

"Sin còig bliadhna air thoiseach air targaid na Rìoghachd Aonaichte", thuirt e.

Tha obair air tòiseachadh air na ciad phròiseactan dealain air loidhnichean ann an Cille Bhrìghde an Ear agus ann an Ceann a' Bhairr.

Thuirt Frank Roach bho Chom-pàirteachas Còmhdhail na Ghàidhealtachd 's nan Eilean gu bheil e na bhrosnachadh a' faicinn gu bheil e na dhleastanas trèanaichean a tha nas fheàrr dhan àrainneachd a thoirt a-staigh.

"Chìthear planaichean airson leasachadh a dhèanamh air gach slighe rèile air feadh na Gàidhealtachd", thuirt Mgr Roach.

Atharrachadh

"Mar eisimpleir barrachd sheirbheisean a' dol a dh'Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa agus seirbheisean gach uair a' dol gu ruige Inbhir Ghòrdain agus Baile Dhubhthaich à Inbhir Nis - atharrachadh mòr a sin", thuirt e.

"Agus trèanaichean nas trice air loidhne na Gàidhealtachd an Iar gu ruige Malaig 's dhan Ghearasdan", thuirt e.

"Bhithinn an dùil gun tigeadh slighe rèile dùbailte a chur a-staigh air prìomh loidhne na Gàidhealtachd.

"'S ann le bhith a' stèidheachadh loidhnichean rèile dealain fìor a thèid aca air amannan nan tursan a ghiorrachadh agus leis a sin an cothrom barrachd dhaoine a ghiùlain air na trèanaichean.

"Agus chan ann a-mhàin a' cuideachadh sheirbheisean do luchd-siubhail a tha seo ach seirbheisean bathair a bharrachd", thuirt Mgr Roach.