Fear a dhìth à Dòrnach
- Air fhoillseachadh

Chaidh Mgr Caimbeul fhaicinn mu dheireadh Diluain.
Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh mu Stiùbhart Caimbeul aois 33 a tha air a bhith a dhìth à sgìre Dhòrnaich bho Dhiluain 27mh là den Iuchair.
Chaidh an càr aig Mgr Caimbeul - Suzuki Swift dearg leis an àireamh-chlàraidh SY08 OFA - a lorg aig raon-parcaidh a bhios luchd-sreap nam beann a' cleachdadh ma tha iad a' dol suas Beinn Laoghail faisg air Tunga Dimàirt.
Chan fhacar is cha chualar bho Mhgr Caimbeul à Dòrnach bho Dhiluain, rud a tha a theaghlach ag ràdh a tha gu math mì-choltach.
Tha rannsachadh air a bhith a' dol san sgìre sin air a shon leis na Poilis, sgiobaidhean teasairginn nam beann agus heileacoptair nam Maor-Chladaich an sàs.
Iomagaineach
Thuirt Prìomh Neach-sgrùdaidh nam Poileas, Jamie MacUilleim, gun robh iad a' tuigsin gun tug e leis baga-droma is stuth mar gun robh dùil aige a bhith a' sreap nam beann.
"Chan eil e coltach dha gun a bhith air bruidhinn ri theaghlach airson na h-ùine a tha seo agus tha sinn a' fàs iomagaineach mu dheidhinn", thuirt Mgr MacUilleim.
"Tha sinn ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic Stiùbhart no an càr aige aig àm sam bith thàiris air na làithean mu dheireadh, innse dhuinn san aithghearrachd", thuirt e.
Tha Mgr Caimbeul mu 5' 6'' de dh'àirde, 's e caol le gruaig ruaidh.
Cuiribh fòn gu na Poilis air 101 mu tha fiosrachadh sam bith agaibh mu dheidhinn.