Làraidh le luchd leathann glacte air bàt'-aiseig
- Air fhoillseachadh

Chaidh dàil a chur air carbadan faighinn far bàt'-aiseig Chaledonian Mhic a' Bhruthainn aig àm diathaid Diluain an dèidh mar a chaidh làraidh a ghlacadh san doras-toisich.
Bha an carbad a' feuchainn ri faighinn far a' bhàt'-aiseig, an MV Hebrides, ann an Loch nam Madadh nuair a chaidh a ghlacadh.
Bha an làraidh Scania, aig a' chompanaidh McCallum's ann an Springburn, a' giùlan taigh so-ghluasad bho Thìr-Mòr a dh'Uibhist.
Ann an Tweet thuirt CalMac gu bheil an MV Hebrides a-nis dà uair agus 34 mionaidean de thìde air dheireadh agus gu bheil dùil aice ann an Ùige aig 4:09f.