Taic a dhìth 'son dèiligeadh ri campachadh mì-rianail
- Air fhoillseachadh

Tha seallaidhean mar seo air nochdadh ann an grunn àiteachan aig tuath.
On chaidh bacaidhean an lockdown a lagachadh tha an àireamh dhaoine a tha a' campachadh air a dhol an-àirde gu mòr.
Le làraichean oifigeil dùinte bha mòran a' roghnachadh àiteachan far nach robh goireasan agus far nach àbhaist daoine a bhith a' campachadh agus bha cuid ri miastadh agus dol-a-mach mì-shòisealta.
Tha buill Comhairle na Gàidhealtachd a' gabhail ris gu bheil a' mhòr-chuid a' fàgail an àite glan agus a' toirt air falbh salachair agus sgudail ach tha beag-chuid, tha iad ag radh, a' briseadh an lagh.
Chuir comhairlichean an taic ri gluasad Diluain ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt dhaibh airson dèiligeadh ri campachadh mì-rianail.
"Tha mòran sgìrean air a' Ghàidhealtachd far a bheil campachadh neo-òrdail air a dhol am meud gu mòr agus ag adhbhrachadh dhuilgheadasan. Chan eil fhios an tig piseach nuair a dh'fhosglas làraichean campachaidh a-rithist. Tha cunnart ann nach bi àite gu leòr sna làraichean campachaidh ma tha barrachd Bhreatannach gu bhith a' gabhail saor-làithean an seo."
Tha iad ag radh gu bheil dol-a-mach cuid na chunnart do shlàinte a' phobaill agus bu chòir ceumannan a ghabhail airson barrachd seirbheisean togail-sgudail a bhith ann, dòigh nas èifeachdaiche smachd a chumail air trafaig, bacaidhean air òl deoch-làidir, agus taic-airgid a phàigheas airson maoir-tràghad neo monaidh agus airson taighean-beaga a stèidheachadh rè-ùine.
Dh' aontaich iad cuideachd gun tèid coimhead air mar a ghabhas croitearan a bhrosnachadh làrach a thabhann air bhanaichean-campachaidh agus carabhanaichean.