Atharrachadh a dhìth air HIE?

Tha cathraiche Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, neo HIE, air sgrìobhadh chun a' bhuill phàrlamaid Alasdair MacGilleMhìcheil ag iarraidh coinneachadh ris a' bhruidhinn mu obair na buidhne agus an t-slighe air adhart dhaibh.

Seo agus Mgr MacGilleMhìcheil air dragh a thogail nach eil HIE mar a tha i an-dràsda idir a' freagairt air feumalachdan na sgìre agus gum bu chòir dhan bhuidhinn a dhol air ais chun t-seann mhodail a bh' aig Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Tha tuilleadh air an seo aig Alasdair MacLeòid.