Stèisean-rèile Strathbungo
Ged nach eil trèanaichean tuilleadh a' frithealadh stèisean-rèile Strathbungo ann an Glaschu tha muinntir na sgìre agus Pollokshields, a tha rin taobh, ag ràdh gu bheil e riatanach airson beatha an àite.
Theab Network Rail an togalach a leagail air a' mhìos sa chaidh airson dealan a chur ris loidhne-rèile.
Ach an dèidh iomairt ionadail chuirear dàil air an obair sin.
Seo Niall Bartlett.