Ro-innleachd Eileanach aig UHI
- Air fhoillseachadh

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) air ro-innleachd fhoillseachadh mu hoinneimh na h-obrach a tha iad a' dèanamh anns na h-Eileanan.
Shònraich an ro-innleachd na planaichean a th' aig an oilthigh leudachadh a thoirt air na tha colaistean anns na h-Eileanan Siar, an Arcaibh 's an Sealtainn a' dèanamh.
Na mheasg, tha barrachd rannsachaidh a chur air chois a tha stèidhichte anns na h-Eileanan, dòighean air daoine sgileil a thàladh agus a ghlèidheadh, taic leantainneach do chultar, chànanan agus dhualchas nan eilean, agus tuilleadh obrach le gnìomhachasan gus luchd-obrach sgileil a leudachadh mu choinneimh chothroman agus fheumalachdan san àm ri teachd.
Tha an ro-innleachd ga foillseachadh an dèidh do na h-Eileanan £100m fhaighinn fo Aonta Fàis nan Eilean, fo a bheil na trì sgìrean eileanach aig tuath a' faighinn taic bho riaghaltasan na h-Alba 's Bhreatainn.
Tha an ro-innleachd aig UHI ag amas air taic a chumail ris an aonta sin, a thuilleadh air na h-amasan a th' aig Plana Nàiseanta nan Eilean.
"'S e àm inntinneach dha-rìribh a tha seo do dh'eileanan na h-Alba, le grunn iomairtean nàiseanta gan cur air chois 'son coimhearsnachdan eileanach a neartachadh," thuirt an t-Oll. Chrichton Lang, a tha na Phrionnsabal agus na Iar-Sheansalair air UHI.
"Ach tha gnothaichean leithid Bhlàthachadh na Cruinne, crìonadh an t-sluaigh agus COVID-19 cuideachd a' cur na h-uimhir de dhùbhlain romhainn.
"Mar an aon oilthigh a tha an làthair anns gach prìomh bhuidhinn Eileanaich an Alba, tha Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an suidheachadh cur gu mòr ri leasachadh seasmhach nan eileanan againn.
"Tha am plana ùr againn a' cur an cèill mar a dh'obraicheas sinn còmhla ri càch agus mar a chleachdas sinn na neartan a th' againn a thaobh foghlaim aig àrd-ìre agus a thaobh rannsachaidh gus deagh bhuaidh a thoirt air feadh nan eilean agsu anns na coimhearsnachdan a tha nan dachaigh don luchd-obrach agus na h-oileanaich againn," thuirt e.
Faodar Ro-innleachd ùr Eileanach UHI a leughadh an seo, taobh a-muigh